9/11
1973
Latha cho dorch sa chunnaic mi riamh
Tancaichean air na sràidean
Cuirp air an rathaidean
Taing gu na Stàitean Aonaichte
Bhàsaich Allende 's e fhathast a' strì
Mharbh iad saorsa 's deamocrasaidh
Chaidh saorsa a losgadh sìos
Air an aonamh latha deug
Taing gu na Stàitean Aonaichte
Na bruidhinn riumsa mu dheamocrasaidh
Na bruidhinn riumsa mu shaorsa 's sìth
Clann a chaill an athair
Clann a chaill am mathair
Taing gu na Stàitean Aonaichte
Na bruidhinn riumsa mu dheamocrasaidh
Na bruidhinn riumsa mu shaorsa 's sìth
Kissinger, Pinochet - càit a bheil an ceartas?
Eucoraich cogaidh
Cuimhnich an fheadhainn a bhàsaich
Cuimhnich an t-uabhas 's an spadadh
Mairead Thatcher agus Pinochet
A' gabhail strupag
Dà uilbheist
Nan creidsinn an ann crochadh
(Ach tha sinn nas fheàrr na sin)
Chanainn gum bu chòir an dithis aca
A bhith dannsadh air ceann ropa!
Cuimhnich na rinn iad ann an Nicaragua
'S na tha iad ag iarraidh do Venezuela
Na rinn iad anns a' Chongo
Iran 's a' Ghreig - 's a-màireach?
Mallachd air na Stàitean Aonaichte!