Fear A' Bhàta

'S tric mi sealltainn bhon chnoc as àirde

Feuch am faic mi fear a' bhàta

An tig thu an-diugh no an tig thu a-màireach?

'S mura tig thu idir gur truagh a tha mi

Tha mo chridhe-sa briste, brùite

'S tric na deòir a' ruith o'm shùilean

An tig thu a-nochd no am bi mo dhùil riut?

No an dùin mi an doras le osna thùrsaich?

Fhir a' bhàta 's na ho ro eile

Fhir a' bhàta 's na ho ro eile

Fhir a' bhàta 's na ho ro eile

Mo shoraidh slan leat, gach àit' an tèid thu

Tha mo chridhe-sa briste, brùite

'S tric na deòir a' ruith o'm shùilean

An tig thu a-nochd no am bi mo dhùil riut?

No an dùin mi an doras le osna thùrsaich?

'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta

Am fac' iad thu no a bheil thu sàbhailt

Ach 's ann a tha gach aon dhiubh gràitinn

Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut

Fhir a' bhàta 's na ho ro eile

Fhir a' bhàta 's na ho ro eile

Fhir a' bhàta 's na ho ro eile

Mo shoraidh slan leat, gach àit' an tèid thu

Fhir a' bhàta!