Sgrùdadh 2323

Thàinig iad à fada air falbh

A saoghal eile thàinig iad dhan talamh

A' falbh leat ged nach robh thu deònach

'S tusa nad phriosanach aig creutairean neònach

"Neach-saidheans"? Na toir orm diobhairt!

An turas seo 's tusa an iobhairt

Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?

Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?

Sgrùdadh 2323

Trustair ann an cota geal

Rinn thu sgrùdadh air iomadh beathach

Ach a-nis glacte air an soitheach

Trustair ann an cota geal

A-nis tha thusa air a' bhòrd

'S iad a' dèanamh sgrùdadh ort

Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?

Ciamar a tha e a' còrdadh riut-sa a-nis?

Sgrùdadh 2323

"Cuiribh an t-inneal lasair suas a thòn

agus dèanaibh sgrùdadh air!"

Oi! Oi!