Lyrics Capercaillie

Capercaillie

Aodann Srath Bhain

'S mi ri imeachd nam aonar

Anns an òg-mhadain Mhàigh

Feadh lèantaichean uaine

Mar fhear-fuadain gun stàth

Nuair a chunnaich mi a' ghruagach

An taobh shuas dhiom a' tàmh

'S i ri nigh'a cuid aodaich

Mach air aodann Srath Bhàin

An sin dhìrich mi suas

Far 'n robh gruagach mo ghràidh

Is labhair mi rithe

Gu sìobhalta tlàth

"Tha bliadhn'agus còrr

Bhon a thòisich an gràdh

Is ma bhitheas tu deònach

Nì sinn pòsadh gun dàil"

"Gu pòsadh, gu pòsadh

Ro òg tha mi 'n dràsd'

Gu bheil teang'aig do sheòrsa

Dhèanadh fògradh 's gach àit

Gum biodh m'athair 's mo mhàthair

Gam chàineadh gu bràth

Nam pòsainn do leithid

O fhleasgaich gun stàth"

Ach a nìonagan òga

Tha gun phòsadh 's gach àit'

Na diùltaibh fir òga

Le mòrchuis no tàir

Nach muladach dhòmhsa

Bhith gun phòsadh gu bràth

'S fheudar fuireach nam aonar

Mach air aodann Srath Bhàin