Lyrics Capercaillie

Capercaillie

Breisleach

Chaidh mi 'n-dé dhan choille challtainn

Shireadh chnòthan airson bladh

Ach 's e bh'air a h-uile geug ach

D'aodann-sa gam thriall

Chaidh mi 'n-dé gu tràigh a' mhaoraich

Lòn de choilleagan a bhuain

Nochd a h-uile slige neamhnaid

D'àilleachd-sa a luaidh

Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda

Son do sgiùrsadh as mo cheann

H-uile glainne thog mi thaom do

Mhaiseachd aist' na deann

Chiaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh

Thusa ruagadh as le suain

Ach cha tug thu cead dhomh cadal

Gus an dèanainn duan

Dh'iarrainn-sa bhith saor od thòireadh

Ach gu bheil sinn roinnt o chéil'

Do chumadh bhith an àit' do shamhla

Agam bhios an fhèill

Dh'fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach

Bòdhradh chàirdean le do chliù

Nuair a thig thu chì iad nach eil

Mearachd ann am fhiù

Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth

Famh is iolair' anns an ruidhl'

Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir

Mireadh mu an sùil

Chì iad mis' is thusa sùgradh

Bil ri bil ar n-anail aoint'

Cniadachadh mar seo gu sìor le

Chéile b' e ar maoin