Lyrics Capercaillie

Capercaillie

Soraidh Bhuam Gu Barraidh

soraidh bhuam gu Barraidh

eilean's maisich tha fo'n ghrèin

far an tric an robh mi sùgradh

's le sunna a ruith na sprèidh

gur lìonmhor lus tha fàs fo'n drùchd

is deallt air ùir as dheidh

a' bheireadh slainte is muirneal dhuit

àir maduinn chùbhraidh chèit

an àm dìreadh ris a mhonadh

measg a' mhurain 'be mo mhiann

air feasgar fann's an fhoghar

nuair a chromadh air a ghrian

gum beathaicheadh am faladh thu

far luscan b'aille fiomh

an àiteag chùbhraidh aluinn

thig far bharr a' chain an iar

an àm èirigh anns an t'samhradh

's e bhith ann, bu mhòr mo mhiann

gach iasgair 's e le bhàta

dol gu àite a chuir na lìon

nuair a chàradh iad siùil shlàn rith

air bhàrr nan tonnan liath

bu bhrèagha a bhi ga faicinn

air a setadh dol dha'n iar

's e Barraidh an t-eilean 's bòidhche

ann cho mòr 's gun d'chur mi ùigh

far an tric an do ghabh mi òran

measg non oighean maiseach ciùin

's ged tha mi'n duigh air m'aineol

an Astràilia nan craobh

cha di-chuimhuich mi a Ghàidhlig

tha i sgrìobhte 's a' chlàr aig m'aois